Fàilte

Chaidh brath naidheachd fhoilleashadh air 14mh Màrt 06 mu dheidhinn taic bho Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Is e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' phrìomh fhèis Ghàidhlig agus tha e air a chumail gach bliadhna san Dàmhair ann an ionad eadar-dhealaichte an Alba. Is e fèis stèidhichte air co-fharpaisean a tha sa Mhòd a tha a' dèanamh subhachas air cànan agus air cultar na Gàidhlig tro sheinn aon-neach, tro cheòl chòisirean agus innealan-ciùil, tro bhàrdachd, tro ealain, tro sgeulachdan agus tro dhràma, a' tàladh cho-fharpaisich agus luchd-tadhail bho cho fad' air falbh ri Canada agus Astràilia.

Bho thòisich e san Oban ann an 1892, tha am Mòd a-nise air leudachadh chun na h-ìre 's gur e an dàrna fèis chultarach as motha a tha an Alba a' tarraing mu 2,500 co-fharpaiseach agus mu 20,000 luchd-tadhail, mar sin a' toirt cuideachadh mòr a thaobh ionmhais is cultair don ionad anns am bi e. Tha am Mòd cuideachd a' tarraing deagh chuid de fhollaiseadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus inbhe mhòr don bhaile no don ionad anns am bi e.

Ged tha am Mòd gu ìre mhòir na thachartas farpaiseach tha e cuideachd a' toirt cothrom do Ghàidheil agus dhaibhsan nach eil nan Gàidheil cruinneachadh agus càirdeas ath-nuadhachadh 's càirdeas ùr a chruthachadh. Gu h-innealach, an co-chòrdadh ri atharrachaidhean co-aimsireil ann am foghlam Gàidhlig agus anns an raon ealain nas fharsainge, tha e na bhrosnachadh do bhuidhnean agus do dhaoine tàlantach air leth an tàlantan a leasachadh agus a ghrinneachadh fa chomhair a' phobaill. Na dhòigh fhèin, tha am Mòd air a bhith na mheadhan so-leante cudromach ann a bhith a' cumail coimhearsnachd na Gàidhlig còmhla rè na linne a dh'fhalbh, a' faighinn seachad air iomadh dùbhshlan.

Bho 1912 tha ceangal air a bhith aig an teaghlach rìoghail ris a' Mhòd, agus buill an teaghlaich sin a' buileachadh taice a bharrachd air le frithealadh gu pearsanta aig cuid de Mhòdan; b' e an eisimpleir mu dheireadh nuar thadhail a' Bhana-phrionnsa Rìoghail air Mòd Lochabair ann an 1999.

Chaidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a stèidheachadh ann an 1999 airson uallach a ghabhail airson gach nì co-cheangailte ris a' Mhòd, a leithid rianachd, togail airgid agus urrasachd. Is e Banca Rìoghail na h-Alba prìomh urrasair a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus am measg urrasairean eile tha Crùdairean Tennent Caledonian agus Dualchas Nàdarra na h-Alba.

Tha Mòd 2006 a gabhail àite ann an Dùn Omhain eadar 13mh agus 21mh Dàmhair.

Royal Bank Of Scotland