Fèill Malairt
Tha an Fhèill Malairt aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail a' fàs nas cudromaiche agus a' toirt cothrom do gach buidheann agus companaidh a tha co-cheangailte rithe, agus a tha an sàs ann ann leasachadh na Gàidhlig an gnothaichean agus an seirbheisean fhoillseachadh.

Gu riaghailteach a' taisbeanadh bidh Comhairle nan Leabhraichean, Comunn na Gaidhlig (CNAG), Comataidh Craolaidh Gàidhlig (CCG), Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle nan Sgoiltean Araich. Cuideachd tha an Fhèill Malairt a' toirt cothrom gu h-ionadail airson gnothaichean fhoillseachadh don liuthad neach-tadhail a bhios a' tighinn chun a' Mhòid à Breatainn, Eirinn, An Roinn Eòrpa, Canada, Astràilia agus na Stàitean Aonaichte.

Ma tha ùidh aig ur companaidh ann an tuilieadh fhaighinn a-mach mun Fhèill Malairt aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail lìonaibh am foirm an seo shìos agus dìogaibh am putan.

Ainm gnìomhachais:  
Gnè gnìomhachais:  
Ainm airson fios:  
Seòladh:  
e-phost:  
Fòn:  
Facs  
   

No cuiribh fios gu:
Murchadh Moireasdan
Manaidsear Leasachadh a' Mhòid
Am Mòd Nàiseanta Rìoghail
109 Sràid na h-Eaglaise
INBHIR NIS
IV1 1EY

Fòn: 01463 709705
Facs: 01463 709706
E-phost: murdo@the-mod.co.uk

The Royal Bank Of Scotland