BRATH-NAIDHEACHD FOILLSICHTE DIMÀIRT 14 MÀRT 2006
FÈIS GHÀIDHLIG A’ FAIGHINN TAIC BHO CHALEDONIAN MHIC A’ BHRIUTHAINN
Tha Companaidh Aisig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn Earranta air ainmeachadh gu bheil iad a’ cumail an taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson an còigeamh bliadhna co-leanailteach. Is e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail prìomh fhèis chultarail Ghàidhlig na h-Alba agus thèid i air adhart am bliadhna ann an Dùnomhain eadar 13 – 21 Dàmhair.
Chuir Caledonian Mac a’ Bhriuthainn an toiseach an taic ris a’ Mhòd anns an Leargaidh Ghallda ann an 2002 agus ann an 2004 choisinn iad an earrann Aithne Brannd de Dhuaisean Ealain is Gnìomhachais na h-Alba ann an co-bhonn ris a’ Chomuinn Ghàidhealaich a bhios a’ co-òrdanachadh eagrachaidh an tachartais naoi-latha. Tha mòran de luchd-obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn nan luchd-labhairt Gàidhlig agus bìdh iad gu tric a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòid Nàiseanta, a chaidh a’ stèidheachadh air leth soirbheachail an uiridh ‘sna h-Eileanan an Iar.
Thuirt Ùisdean MacIllinnein, Ceannard Conaltraidh Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn “Tha CalMac air leth toilichte a-rithist a bhith ann am pàirt le aon de na fèisean cultarail as fheàrr ann an Alba, agus gu h-àraidh am bliadhna air ar starsaich fhìn. Is e tachartas air leth cudromach dhuinn mar Chompanaidh a tha ‘sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail seach gu bheil mòran de ar luchd-obrach a’ gabhail pàirt innte ann an diofar dhòighean eadar ‘s gu bheil iad nan farpaisich no ann an suidheachaidhean taiceil. Tha cànan na Gàidhlig agus fèisean cultarail nam prìomh phàirtean de ar ro-innleachd margaideach agus tha e na thoileachas mòr dhuinn a bhith mar phàirt de leithid seo de thachartas soirbheachail."
Chuir Calum Iain MacLeòid, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich fàilte air an taic leantaineach a tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a’ toirt don Mhòd. Thuirt Mgr MacLeòid “Is e fìor mòr-thaisbeanadh ann an clàr-ama na Gàidhlig a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus tha e na shaorsa sònraichte dhuinn taic fhaighinn a-rithist bho phrìomh bhuidheann leithid Caledonian Mac a’ Bhriuthainn. Thairis air na bliadhnaichean tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air earbsa làidir a nochdadh ann a bhith a’ toirt taic do dhualchas Gàidhlig na h-Alba thairis air an lìonra aca agus tha an cuideachadh a tha iad a’ toirt don Mhòd mar chomharradh air an taic seo”.
Is e Mòd 2006 an 103mh Mòd agus thèid timcheall air 200 farpais agus làn phrògram de thachartasan no-fharpaiseach no-fhoirmeile air adhart ann an tallachan timcheall air Dùnomhain a thug aoigheachd mu dheireadh don Mhòd ann an 2000. Tha dùil gun tarraing Mòd 2006 luchd-turais agus farpaisich bho air feadh na RA agus an Roinn Eòrpa, mòran dhiubh a bhios a’ siubhal gu Dùnomhain a’ cleachdadh seirbheisean thairis air lìonra Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn.