Measadh

Tha Bonn-stèidh a' Chomuinn Ghàidhealaich ag ràdh gur iad amasan a' Chomuinn a bhith a' cur taic ri agus a' leasachadh gach pàirt de chànan, de chultar, de eachdraidh agus de dhualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Am measg dhòighean air na h-amasan clàrte a choileanadh tha brosnachadh air cànan, litreachas, ceòl, dràma agus ealain eile ann an Gàidhlig. Ann a bhith a' toirt nan amasan gu buil nì An Comunn eagrachadh agus cur air adhart air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tha e soilleir bho na tha an seo shuas gur e pairt de adhbhar a' Mhoid Naiseanta Rioghail a bhith a' cur air adhart ionnsachadh agus leasachadh na Gàidhlig. An ceangal ri seo, tha An Comunn air innleachd a dheilbh airson Gaidhlig cho-fharpaiseach a mheasadh ann an Earrann nan Inbheach. Tha an innleachd measaidh stèidhichte air a' chursa teagaisg, Speaking Our Language, agus tha e air a roinn na earrainnean mar a leanas:

Uile bho Speaking Our Language
Ire 1 Stèidhichte air Aonadan 1 - 9
Ire 2 Stèidhichte air Aonadan 10 - 18
Ire 3 Stèidhichte air Aonadan 19 - 27
Ire 4 Stèidhichte air Aonadan 28 - 36
Ire 5 Stèidhichte air Aonadan 37 - 45
Ire 6 Stèidhichte air Aonadan 46 - 54
Ire 7 Stèidhichte air Aonadan 55 - 63
Ire 8 Stèidhichte air Aonadan 64 - 72

Notaichean:-
1 Tha an sgrìobhainn seo a' follaiseachadh stiùiridh a thaobh sgile aig gach ìre.
2 Thatar an dùil gun dèan luchd-ionnsachaidh adhartas leanailteach le bhith a' dol air adhart tro na h-ìrean.
3 Feumaidh co-fharpaisich Ire 4 a ruighinn mus gabhar riutha airson co-fharpaisean nam Bonn Airgid.
4 Nuair shoirbhicheas le co-fharpaiseach aig Ire 4, gheibh e/i Cairt Umha.
5 Nuair shoirbhicheas le co-fharpaiseach aig Ire 8, gheibh e/i Cairt Airgid.
6 Gheibh co-fharpaiseach a ni còmhradh fileanta ri measadairean Cairt Or.
7 Cuirear measadh air dòigh ann an coimhearsnachdan cho-fharpaiseach, a rèir iarrtais; gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho oifis a' Chomuinn an Inbhir Nis.
8 Tha An Comunn Gàidhealach a' gleidheadh na còire clàrachadh do cho-fharpaisean a dhiùltadh nuair nach eil adhartas faicsinneach ga dhèanamh sa chànan.

The Royal Bank of Scotland