| General Outcome |
Function Description |
Language Examples |
| Dealing with money and counting
large amounts |
The numbers 12 - 39 Counting
money |
|
| |
Method 1 |
Dà sgillinn dheug / sia
sgillinn deug / fichead sgillinn 's a dhà / fichead sgillin 's a
trì deug etc. dà not dheug / fichead not 's a dhà /
fhichead not 's a trì deug etc. |
| |
Method 2 |
dusan sgillinn / dà sgillinn
air fhichead / trì sgillinn deug air fhichead / dà not air
fhichead / trì notaichean air fhichead / trì nota deug air
fhichead etc. |
| |
40 - 1,000,000 |
dà fhichead not / dà
fhichead not 's a dhà / leth-cheud not / leth-cheud not 's a h-ochd /
trì fichead not / ceud not / ceud not 's a naoi / ceud, fichead not 's a
còig / ceud not gu leth / mìle, ceud, trì fichead not 's a
h-ochd / ceud mìle not etc. |
| |
Counting other items |
aon phuing deug / dà phuing
dheug / naoi puingean deug / fichead puing 's a h-aon / fichead puing 's a
deich / dà fhichead puing 's a dhà / leth-cheud puing 's a sia /
trì fichead puing 's a h-aon deug / ceud puing 's a dhà dheug /
ceud, fichead puing 's a deich / etc. |
| Organising a party |
The biggest, the smallest, the
best |
'S iad sin as motha 'S e
Sìne as luaithe air faighinn deiseil |
| |
Asking someone if they can do
something and responding |
An tèid agaibh air tighinn
a-màireach? An tèid agadsa air trì nota deug a thoirt
dhomh? Thèid / Cha tèid Thèid, thèid agamsa
air tighinn ann Cha tèid, feumaidh mi coimhead as dèidh na
cloinne Thèid gu deimhinn! A bheil thu cinnteach gu bheil sin gu
leòr? Tha mi duilich, chan urrainn dhomh; chan eil sgillinn ruadh
agam |
| |
Expressing exasperation or
irony |
Cha tèid agad air sin a
chluich nas cruaidhe, an tèid? Cha tèid agad air do chasan a
ghluasad, an tèid? |
| |
Asking if invitations have been sent
and responding |
An tug thu cuireadh do dhuine sam
bith fhathast? An tug thu cuireadh dhaibh uile? Thug / Cha tug Thug,
thug mi cuireadh do chòignear 's bheir iadsan cuireadh do dhaoine
eile Cha tug fhathast ach bheir mi cuireadh dhaibh |
| Doing things |
Telling someone politely to do
something |
Carson nach bi thu
sàmhach? Carson nach tig thu còmhla rium? Nach dèan
thu an rud a thèid iarraidh ort? |
| |
Making a suggestion |
Carson nach tèid sinn a-mach
an-dràsta fhèin? Nach èist sinn ri siud a-rithist? |
| |
The top or surface of something |
uachdar Cuiridh sinn na clachan
seo air uachdar a' bhalla |
| |
Telling someone what they could
do |
Dh'fhaodadh tu a dhol rud beag nas
luaithe Dh'fhaodadh tu an seòl a chur suas |
| |
Telling someone what they couldn't
do |
Chan fhaodadh tu crepes a
dhèanamh air greideal |
| |
The softer the better The thinner
the better etc. |
Mar as buige 's ann as
fheàrr Mar as taine 's ann as fheàrr Mar as buige a
bhitheas e, 's ann as fheàrr Ma chuireas mi na clachan as truime air
uachdar a' bhalla, cha bhi e cho furasta a leagail Ma chuireas tu do chas
sìos, theid an càr nas luaithe |
| |
Telling someone to keep a hold of
something |
cum e cum seo dhomh cum
grèim air / oirre |
| |
Describing the speed of a
vehicle |
Dè an t-astar a th'
agad? Tha mi a' dèanamh deich mile fichead san uair |
| Discussing papering and
painting |
How to say 'because' |
a chionn 's Feumaidh sinn an
taigh a pheantadh a chionn 's gu bheil e grànnda Thàinig sinn
an seo a chionn 's gu robh sinn airson taigh spaideil fhaicinn |
| |
Saying what you could do |
Dh'fhaodainn an rùm a
pheantadh dhut Dh'fhaodainn-sa am pàipearachadh a
dhèanamh |
| |
Saying / asking what the length of
something is |
Tha e deich troighean a
dh'fhaid Dè cho fad 's a tha e? Dè an fhaid a th'
ann? Dè an fhaid a th' innte? Tha e leth-cheud thoigh a
dh'fhaid Tha da cheud slat a dh'fhaid innte |
|
Saying / asking what the height of
something is |
Tha an uinneag ceither troighean a
dh'àirde Dè cho àrd 's a tha e? Dè an leud a
th' innte? Tha e trì trioghean 's dà oirleach a leud Tha
dà throigh 's oirleach a leud innte |
| |
Saying / asking what the width of
something is |
Tha na ballachan ochd troighean deug
air fhichead a leud Dè an leud a th' ann? Dè an leud a th'
innte? Tha e trì troighean 's dà oirleach a leud Tha
dà throigh 's oirleach a leud innte |
| |
Asking if someone can measure
something and responding |
Am b' urrainn dhut an uinneag a
thomhas dhomh? An tèid agad air leud an dorais a
thomhas? Tomhaisidh mi i ann an dà dhiog; tha mi a' tomhas an dorais
an-dràsta Tha Dòmhnall air a thomas mu thràth |
| |
Saying what someone else can manage
to do |
Thèid aice air an rùm
a phàipearachadh cuideachd Thèid aige air ur faicinn aig
còig mionaidean gu trì |
| |
Saying what someone else can't
manage to do |
Cha tèid Alasdair air am
balla a pheantadh Cha tèid aige air rud sam bith a dhèanamh
ceart |
| Discussing outdoor activities |
Saying something would be
worthwhile |
B' fhiach smaoineachadh mu
dheidhinn B' fhiach dhuibh a dhol air turas gu Stafa B' fhiach dhuin
fheuchainn |
| |
Saying something wouldn't be
worthwhile |
Cha b' fhiach sin a
dhèanamh Cha b' fhiach dhut iasgach anns an loch sin |
| |
Asking if something would be
worthwhile and responding |
Am b' fhiach teant' a chur suas
thall an siud? Am b' fhiach dhuinn feuchainn ri snàmh? Cha b'
fhiach, tha sin ro fhasig air an rathad B'fhiach; tha e a' coimhead gu math
freagarrach |
| |
Saying what you could do and
responding |
Dh'fhaodamaid a dhol a-mach anns a'
gheòla feasgar Dh'fhaodamaid golf a chluich ma bhios turadh
ann Dh'fhaodadh Chan fhaodadh Dh'fhaodadh, ma tha thu ag
iarraidh Chan urrainn dhuinn; chan eil camain-ghoilf againn |
| |
Saying you would want or like
something |
Dh'iarrainn bàta nas motha
airson a bhith sàbhailte Dh'iarrainn a bhith ann an àite nas
blàithe |
|
Saying you would not want or like
something |
Chan iarrainn tu a bhith
tinn Chan iarrainn a bhith fliuch |
| Opinions on how things would be |
Saying something would be |
Bhiodh an càr seo na
b'fheàrr Bhiodh tu sàbhailte anns bhàta sin |
| |
Saying something would not be |
Cha bhiodh an càr sin trom
air peatrail idir |
| |
Asking if something would be and
responding |
Am biodh an t-àite seo
freagarrach airson picnic? Bhitheadh Cha bhitheadh Bhitheadh, bhiodh
an t-àite seo glè fhreagarrach |
| |
Asking what you would do or be |
Am bithinn ag obair Disathairne
cuideachd? Am bithinn a' cur dragh oirbh? |
| |
Saying what you would do or be |
Bithinn glè dheònach a
dhol a-mach còmhla ris-san Bhithinn fada nad chomain |
| |
Saying what you would not do or
be |
Cha bhithinn cho cinnteach mu
dheidhinn sin |
| |
Asking what you and someone else
would do or be and responding |
Am biomaid faisg air a
chèile? Bhitheadh Cha bhitheadh Bhitheadh; bhiomaid an ath
dhoras dha chèile Cha bhitheadh; bhiomaid ann an diofar
bhailtean |
| |
Saying what used to be |
Bhiodh an dotair a'
dràibheadh càr mar sin Bhiodh mòran dhaoine as an obair
sin aig aon àm |
| |
Saying that you used to do or be
something |
Bhithinn a' deànamh bonnach
còmhla ri mo mhàthair Bhithinn gan dèanamh gun
chuideachadh sam bith |
| |
Saying what you and someone else
used to do or be |
Bhiomaid ag obair còmhla |
| Describing locations |
Saying something is in front of
something else |
air beulaibh Tha pàirce
chàraichean air beulaibh an taigh-tasgaidh Seas air mo bheulaibh |
| |
Saying something is behind something
else |
air cùlaibh Tha
ionad-cluiche air cùlaibh an talla Bha i na seasamh air mo
chùlaibh |
| |
Saying something is above something
else |
os cionn Tha àite-fuirich
os cionn a' bhèiceir Tha an lobhta direach os do chionn |
| |
Saying something is opposite
somethihng else |
mu choinneamh Tha an
taigh-òsta mu chinneimh stèisean nam busaichean Seas mu mo
choinneamh agus togaidh mi dealbh dhìot |
| |
Saying something is beside something
else |
ri taobh Tha àite airson
parcadh ri taobh na talla Trobhad agus suidh ri ar taobh |
| |
Asking about the position of
something or someone |
An ann air beulaibh no air
cùlaibh an ospadail a tha e? A bheil thu cinnteach gu bheil
bùth-aodaich ri taobh bùth a' bhèiceir? |
| Giving opinions and suggestions |
Hoping something would be |
Bha mi an dòchas gum biodh tu
ann Bha e an dòchas gum bithinn ann còmhla ris |
| |
Hoping something would not be |
Bha mi an dòchas nach biodh
tu tuilleadh is sgìth Bha a' chlann an dòchas nach biodh dragh
air am màthair |
| |
Being sure something would be |
Bha mi cinnteach gum biodh esan aig
a' phàrtaidh Bha e cinnteach gum biodh a' bhùth fosgailte |
| |
Being sure something would not
be |
Bha e cinnteach nach biodh cuimhne
agad Bha mi cinnteach nach bithinn ann tuilleadh |
| |
Saying what one expected would
be |
Bha dùil agam biodh am bus
air falbh Bha dùil aice gum biodh e a' tighinn dhachaigh
tràth |
| |
Saying what one expected would not
be |
Bha dùil agam nach biodh am
biadh cho daor an seo Bha dùil aice nach biodh duine ann |
| |
Saying what one thinks or thought
would be and responding |
Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e
na b' fheàrr ann an àite eile Tha, tha mi a' smaoineachadh gum
biodh Cha bhitheadh, chan eil mise a' smaoineachadh gum biodh Bha sibhse
a' smaoineachadh gum biomaid airson a h-uile càil a reic Bha, bha
sinn a' smaoineachadh gum biodh |
| |
Stating the conditions under which
something would be |
Nam biodh an t-acras ort,
dh'fhaodamaid stad airson biadh an àiteigin Nam bithinn nad
àite, bhithinn a'smaoineachadh air obair eile |
|
Responding 'if you want' to a
suggestion |
Ma thogras tu Nach tèid
sinn a-mach gu biadh a-nochd? Ma thogras tu tha mi coma 's mi tha
coma |
| |
Expressing indifference |
Cha d' fhuir sinn cuireach chun a'
phòsaidh |
| Conditions and their
consequences |
Stating conditions and what follows
from them |
Mura h-eil ise ga iarraidh ithidh
mise e Mura cuidich thu mi, cha tèid agam air seo a
dhèanamh |
| |
Asking two people how they are
related and responding |
Dè an càirdeas a th'
eadaraibh? 'S e peathraichean a th' annainn |
| |
Setting out the consequences |
Mura suidh sibh sìos, chan
fhaigh sibh bracaist Mura bi thu sàmhach, chan fhaigh thu rud sam
bith Chan fhaigh thu càil, mura cuir thu dheth am fuaim sin |
| |
Stating the conditions which would
allow something to be |
Mura biodh tusa gam milleadh, cha
bhiodh a' chlann cho dona Mura bithinn cho sgìth, dheighinn a-mach
airson pinnt |
| |
Saying what might follow if a
condition were fulfilled |
Nam biodh tu ag iarraidh,
dh'fhaodamaid a dhol a dh'iasgach a-nochd Nam bithinn aig an taigh, bhithinn
a' coimhead telebhisean an-dràsta Nan robh fios air a bhith agam mun
phrògram, bhithinn air innse dhut Nam biomaid air bòrd
òrdachadh ro làimh, cha bhiodh againn ri feitheamh |
| |
Asking what would happen if a
condition were fulfilled |
Nam bithinn ag iarraidh a dhol chun
an dannsa, càit am faighinn ticeadan? Am biodh e ceart gu leòr
nam biodh Rhona còmhla rium? |